Gearrannan: Click to Return to Home Page

 Would you like to be kept in touch
with our online Newsletter?
If so then enter your
email address below...

Email Address:


Air cladaichean fosgailte Eilean Leòdhais air a' Chuan Siar tha baile-tughaidh nan Gearrannan, baile làn eachdraidh air a thogail ann an sgìre air leth àlainn. Bho 1989 tha urras coimhearsnachd, Urras nan Gearrannan, air a bhith gu cùramach ag ath-nuadhachadh nan taighean 's nan croitean a bha uaireigin bàn, ach an gabhadh seann bhaile ath-thogail anns am faigheadh aoighean goireasan an latha an-diugh ann an àrainneachd an latha an-dè. Chaidh dòighean-obrach tradaiseanta a chleachdadh airson gach goireas ùr fhilleadh a-steach ann an clachaireachd agus tughadh nan seann taighean-croite.

Gabhaidh fàilte a chur air diofar sheòrsachan aoighean. Faodaidh buidhnean agus daoine fa leth eòlas fhaighinn air obair dhùthchail thradaiseanta, ionnsachadh mu eachdraidh shaidhbhir na sgìre, obair a dhèanamh no an anail a leigeil ann an àite a tha gun shamhail. A bharrachd air baile nan Gearrannan fhèin, tha cur-seachadan is spòrs gu leòr eile faisg air làimh, mar iasgach is spòrs-mara, coimhead air eunlaith, ainmhidhean is flùraichean nan àrainneachd fhèin agus tadhal air ionadan inntinneach eile leithid Tursachan Chalanais agus Dùn Chàrlabhaigh, a bhuineas do Linn an Iarainn.


Home | Booking | News | Information | Things to See and Do | History and Culture | Virtual Tour | The Village | Links | Sponsors | Contact Us ]